Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Droga

Chaidh cur às leth dà chompanaidh chunngaidh-lèighis gun d' fhuair iad na milleanan notaichean air nach robh iad araidh bhon NHS le a bhith ag iarraidh cus airgid airson aon de na drogaichean aca. Tha Pfizer agus Flynn Pharma gan rannsachadh le Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean agus iad airson faighinn a-mach carson a dh'èirich a' phrìs airson droga a tha ga thoirt do dhaoine leis an tinneas tuiteamach bho £2.3m ann an 2013 gu £40m an-uiridh.

Na h-Aonaidhean-Ciùird

Chaidh cur às leth an Riaghaltais gun robh iad a' feuchainn ri smal a chur air cliù nan aonaidhean-ciùird le a bhith ag atharrachadh mar a tha cìsean aonaidh gan togail bho luchd-obrach san roinn phoblaich. Fon phlana cha tèid na cìsean a thoirt far thuarastalan luchd-obrach nuair a tha iad a' faighinn am pàigheadh. An àite sin bidh aig buill an aonaidh ri òrdaidhean banca a chur air dòigh dhaibh fhèin. Thuirt an TUC gum puinnseanaich na h-atharrachaidhean dàimhean gnìomhachais.

Creideasan-cìse

A rèir Bhuill-Phàrlamaid nan Eilean Siar caillidh còrr is 1,000 teaghlach anns na h-Eileanan airgead ri linn nan atharrachaidhean a thèid a dhèanamh air siostam nan creideasan-cìse leis an Riaghaltas Tòraidheach. Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gum bi a' mhòr-chuid de na dh'fhulaingeas ann an obair ach a' faighinn tuarastalan ìosal, agus gun toir na gearraidhean buaidh air 1,700 duine-cloinne. Tha àireamhan a' sealltainn gu bheil còrr is an treas cuid de theaghlaichean le cloinn anns na h-Eileanan Siar a' faighinn chreideasan-cìse.

In-imrich

Thuirt sgiobannan teasairginn nach eil cus cothrom ann a-nis gun tèid na còrr dhaoine fhaighinn beò às dèidh do bhàta làn luchd-imrich a dhol fodha far chosta Libia. Thathas an dùil gun robh timcheall air 600 duine air bòrd nuair a chuir an t-soitheach car dhith fhèin anns a' Mhuir Mheadhan-Thìrich Diciadain. Chaidh aig luchd-teasairginn air 367 duine a shàbhaladh.

Tubaist-rathaid

Thuirt poilis ann an Dùn Èideann gun do bhàsaich fireannach às dèidh tubaist-rathaid a thachair tràth madainn Dimàirt. Chaidh an duine, a bha 20 bliadhna de dh'aois, a thoirt gu Ospadal Rìoghail a' bhaile às dèidh na tubaiste air Rathad Cholinton, ach chaochail e tràth madainn Diciadain.

Itealan MH370

Agus thuirt ùghdarrasan Astràilia gu bheil iad misneachail gu bheil iad a' coimhead anns an àite cheart airson plèana a chaidh a dhìth anns a' Mhàrt an-uiridh. Tha seo às dèidh do Mhailèisia dearbhadh gur ann bhon itealan MH370 a thàinig sprùilleach a chaidh a lorg air Eilean Reunion anns a' Chuan Ìnnseannach.