Call air teaghlaichean Eileanach
- Air fhoillseachadh
A rèir Bhuill-Phàrlamaid nan Eilean Siar caillidh còrr is 1,000 teaghlach anns na h-Eileanan airgead ri linn nan atharrachaidhean a thèid a dhèanamh air siostam nan creideasan-cìse leis an Riaghaltas Tòraidheach.
Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gum bi a' mhòr-chuid de na dh'fhulaingeas ann an obair ach a' faighinn tuarastalan ìosal, agus gun toir na gearraidhean buaidh air 1,700 duine-cloinne.
Tha àireamhan a' sealltainn gu bheil còrr is an treas cuid de theaghlaichean le cloinn anns na h-Eileanan Siar a' faighinn chreideasan-cìse.