Uaigh Chaluim Chille ga creachadh
- Air fhoillseachadh

Tha manaidsear na h-abaid an amharas gur e cuideigin a bh' air turas là chun an eilein a bu choireach.
Tha poilis a' rannsachadh an deach oidhirp a dhèanamh gus uaigh Chaluim Chille air Eilean Ìdhe a chreachadh.
Thuirt Alba Aosmhor gun deach milleadh a dhèanamh air doras-ùrlair os cionn làrach na h-uaighe tràth feasgar Dhiluain.
Thuirt manaidsear Abaid Eilein Ìdhe, Sìne Mhàrtainn, gu bheil iad an amharas gur e cuideigin a bh' air turas là chun an eilein a bu choireach.
Thuirt i, ged nach robh dad air fhàgail anns an uaigh a ghabhadh a ghoid, gum bu chòir do dhaoine le fios a leigeil chun nam Poileas ma bha iad air dad amharasach fhaicinn.