Buaidh Calais air Ghàidhealtachd

Làraidhean ann an Kent Image copyright AFP
Image caption Tha maill mhòr air làraidhean ri linn troimhe-chèile ann an Calais.

Tha suidheachadh mì-chinnteach fhathast mu choinneimh chompanaidhean maoraich 's eile, ged a chaidh aonta a ruighinn a bheir prìomhachas do làraidhean bidhe ann a bhith a' faighinn thairis air Caolas Shasainn.

Tha stailcean le luchd-obrach bhàtaichean-aiseig Fraingeach agus suidheachadh nan in-imreach ann an Calais a' fàgail nam mìltean làraidhean nan tàmh ann an Kent gun dòigh air faighinn dhan Fhraing.

Leis a' mhòr-chuid de mhaorach na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' dol dhan Roinn Eòrpa tha na trioblaidean ann an Calais air call adhbharachadh.

Dh'innis Roinn na Còmhdhail an t-seachdain seo gum faigheadh làraidhean, a bha a' giùlain luchd leithid èisg, feola agus maoraich, a dh'fheumadh am margaidh a ruighinn taobh a-staigh beagan uairean de thìde, gu Dover neo gu Tunail Chaolas Shasainn gun a bhith a' feitheamh cuide ri làraidhean eile.

Ach tha ceist ann a bheil sin a' dol fada gu leòr 'son gnìomhachas an èisg a shàsachadh.

Astar

Thuirt Stiùiriche Kallin Shellfish ann an Uibhist, Eachann Stiùbhairt, gur e ceum air adhart a bha seo, ma 's e agus gur e sin a thachras.

A bharrachd air a bhith a' toirt prìomhachais dha na làraidhean, bhruidhinn Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, mu a bhith a' cleachdadh puirt agus puirt-adhair Albannach mar dhòigh air bathar fhaighinn gu na margaidhean.

Thuirt Mgr Stiùbhart, gur dòcha nach bi sin ro fhurasta.

"Thuirt Mgr Lochhead gun robh e a' toirt 13 uairean de thìde faighinn à meadhan Alba sìos a-null a Bhoulogne, ach dh'fheumadh iad cuimhneachadh gu bheil e a' toirt 13 uairean de thìde dhuinne faighinn gu meadhan na h-Alba a bharrachd air sin.

"Agus uaireanan, 's thachair e dhuinne an t-seachdainn a chaidh, bheir e 24 uairean de thìde dhuinne faighinn sìos gu far a bheil iad-san a' tòiseachadh.

"Mar sin tha an duilgheadas a' falbh às an seo gu math nas motha agus tha mi a' smaoineachadh a' feuchainn ri àiteachan ùra fhaighinn, puirt ùr agus gnothaich fhaighinn, san aithghearrachd, nach bi sin uabhasach freagarrach," thuirt Mgr Stiubhairt.