"Caitheamh airgid" ann an Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Soidhne, Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Thug Comhairle na Gaidhealtachd cead-dealbhachaidh dhan sgoil an t-seachdainn a chaidh

Thuirt Ruaraidh Moireach, a bha roimhe na Chathraiche air Comataidh Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar, gur e caitheamh airgid a th' ann an sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh nuair a tha cuid de sgoiltean eile an Eilein Sgitheanaich feumach air an càradh.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh dhan phròiseact an t-seachdainn a chaidh le dùil ann a-nis gum bi an sgoil deiseil ann an 2017 aig a' char as fhaide.

Thuirt Ruaraidh Moireach ge-tà gur e na sgoiltean a th'ann an-dràsta a chàradh a bu chòir prìomhachas fhaighinn, seach sgoiltean ùr a thogail.

"Tha mise a' smaoineachadh, ann an solas ionmhas an là an-diugh, ann an solas an t-suidheachaidh a th' againn, gum bu chòir sin a chuir air ais agus na sgoiltean a th'againn a tha feumach air an càradh a chàradh an-toiseach agus an uair sin, nuair a bhios sin air a dhèanamh, gun seall sinn ri na sgoiltean Gàidhlig".

"Tha sinn a' cluinntinn gu bheil sgoiltean eile anns an Eilean Sgitheanach - sgoil Dhùn Bheagain agus sgoil an Ath-Leathainn gu h-àraid - gu bheil iad cruaidh fheumach air an càradh - agus bu chòir ionmhas ceart agus ionmhas coltach a bhith air a chuir mu choinneamh sin mus tòisich sinn a bhith a' cur suas sgoiltean mòr spaideil eile".

Thuirt Rùnaire Chomhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh, Catriona Leslie, cuideachd gum bu chòir an t-airgead a chosg air sgoiltean eile san eilean, an àite air sgoil Ghàidhlig.

Iomairt fhada

Tha feadhainn a bha an lùib na h-iomairt airson sgoil Ghàidhlig ann an Port Rìgh ag ràdh ge-tà gur ann a bhios an sgoil ùr gu feum an Eilein gu lèir.

Thuirt fear de chomhairlichean Eilean a' Cheò, Drew Mac a' Mhuilleir, gur e "là eachdaidheil" a bh'ann dhan Eilean Sgitheanach nuair a chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad dhan sgoil.

Thuirt oifigearan na Comhairle cuideachd gu bheil airgead air a chomharrachadh airson obair-càraidh a dhèanamh air sgoil Dhùn Bheagan - tè dhen fheadhainn air a bheil leasachadh a dhìth.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile