Coinneamh mu phort-fànais
- Air fhoillseachadh
Coinnichidh am ball-pàrlamaid Albannach Gàidhealach Dàibhidh Stiùbhairt ri comhairlichean à Earra-Ghàidheal 's Bòd Diluain 's e dhen bheachd gun gabhadh port-fànais ùr a stèidheachadh ann an co-bhann eadar Machaire Shànais agus Preastabhaig.
Tha Steòrnabhagh, Newquay ann an Sasainn agus Llandbedr anns a' Chuimrigh a-measg nan àitean eile a tha a' nochdadh air geàrr-liosta an Riaghaltais a dh'fhoillsich iad as t-earrach.
Tha Mgr Stiùbhairt dhen bheachd gur e Machaire Shànais an t-àite as freagarraiche airson a' phuirt-fànais, ach tha e a' dèanamh dheth gur dòcha gum biodh cothrom na b'fheàrr aige soirbheachadh ann an co-bhann le port-adhair Phreastabhaig ann an Siorrachd Adhair.
Thuirt e gum bu chòir taic a chuir ri moladh sam bith a bheir obraichean a-steach dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus gum faodadh am pròiseact seo togail mòr a thoirt dhan àite a shoirbhicheas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 4 Am Màrt 2015