Triùir luchd-sreap air bàsachadh

Beinn Nibheis
Image caption Chaidh fios a chuir air na seirbheisean teasairginn Dihaoine

Chaidh fireannach, trì fichead bliadhna a dh'aois, a lorg marbh anns na beanntan faisg air a' Ghearasdan as deidh dha a dhol a dhìth Di-haoine.

Cha deach am fireannach, à Berkshire, ainmeachadh fhathast, ach seo an treas duine a tha air bàsachadh air beanntan Loch Abair taobh a-staigh seachdain.

Chaidh luchd-teasairginn a ghairm aig meadhan oidhche Dihaoine nuair nach do thìll am fireannach - bhon chuairt aige air na beanntan faisg air Drochaid an Aonachain mar a bha dùil.

Triùr air bàsachadh

Bha buill bho sgiobaidhean teasairginn Loch Abair, Gleann Comhann, agus an RAF uile an sàs san iomairt aig an deireadh sheachdain le taic bho choin theasargain agus helicoptair nam maor-cladaich.

Chaidh corp an fhireannaich - à Berkshire a' lorg ann an Coire Choille faisg air Stob Coire an Laoigh 's coltas ann gun robh e air tuiteam.

Seo an treas neach a tha air a bheatha a chall air beannatan Loch Abair taobh a-staigh seachdain.

Uidheamach ceart

Dhearbh na poileis an diugh gur e Steven Fogg à Siorrachd Obar Dheathain a thuit suas ri 600 troigh far an droma eadar Beinn Neibhis agus Càrn Mòr Dearg Dihaoine.

Chuir dithis a bha a' sreap còmhla ris fios air na seirbheisean èiginn Dihaoine agus chaidh a thogail far na beinne le Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair.

Chaidh a thoirt dhan ospadal anns a' Ghearasdan far an deach dearbhadh gu robh e air bàsachadh.

Chaidh an corp aig Iain Bell à Hertfordshire a lorg san aon sgìre, as deidh dhàsan tuiteam mu choig cheud troigh Dimairt.

Thuirt ceannard na sgioba teasairginn, Iain Williamson, gu robh an t-sìde air a bhith màth agus gun robh an luchd-sreap air an deagh uidheamachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile