Dragh mu thurasachd nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Tha buidhean a tha a' riochdachadh gniomhachasan turasachd anns na h-Eileanan Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba oidhirp mhòr a dhèanamh air luchd-turais a thàladh dhan sgìre as t-fhoghar.
Tha a' bhuidhean Turasachd Innse Gall, a tha a' riochdachadh mu mhìle duine sa ghnìomhachas air feadh na sgìre, ag ràdh gu do dh'fhuiling iad call ri lìnn stailc 's iomart obrach na companaidh aiseig Cal Mac agus an obair a chaidh a dhèanamh air cidhe Ulapuil as t-Earrach.
Thuirt an cathraiche aca, Iain Fordham, gu robh buaidh na stailc aon là, nas fharsainge na an là fhèin.
Thuirt e gun do chur daoine dheth turais a bha gu bhith aca ri lìnn mì-chìnnt mu co-dhiù gheibheadh iad a-null 's a-nall air na h-aiseagan air na làithean a dh'iarradh iad.
Tha Gregor MacLeòid a' ruith taigh aoigheachd air taobh siar Leòdhais.
Thuirt e gun tug an stailc buaidh air a' ghnìomhachas sin, agus cuid air roghnachadh gun a thighinn dha na h-Eileanan air a sgàth.
Trang
Tha Mghr MacLeòid cuideachd ag obair na mhanaidsear bìdh ann an ionad-tadhail Thursachan Chalanais.
Tha e ag ràdh nach eil càil a dhìth luchd-tadhail air a bhith sin, 's nach eil fiù 's an t-sìde maoth-bhlàth air maill a chur air a sin - gu dearbha, gu bheil e air a bhith na bhuannachd dhaibh.
"A h-uile duine ag iarraidh teatha agus cofaidh agus biadh teth. Bha sinn feadhar 'run off our feet'."
"Trang? Chan e sin a chanainn. Bha sinn feadhar, chanadh tu 'firefighting' fad an t-samhraidh leis an luchd-turais bha tighinn steach a seo. Bha an t-uamhas dhaoine a' tighinn a-steach. Ach 's e samhradh sònraichte a bh'ann."
Foghar
Tha Mghr MacLeòid ag ràdh gu bheil cùisean air togail orra leis an taigh-aoigheachd 's gu bheil e air uidhear a dh'iarrtasan fhaighinn bho chionn colla deug 's nach eil àite aige dhaibh.
Thuirt e gu bheil e an dòchas gu lean na h-iarrtasan sin a-steach dhan fhoghair, 's coltas gu bheil cuid nas deònaiche thighinn dha na h-Eileanan nas fhaide dhen bhliadhna.
Tha Mghr Fordham ag ràdh gu bheil dà thrian de na buill aca ag aithris gun do dh'fhuiling iad - le cuid a' cumail a-mach gu bheil iad sìos leth-cheud per cent an coimeas ri mar a bha cùisean an uiridh.
Tha e ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhaibh.
Thuirt e nach e airgead dioghlaidh ma choinneamh daoine a chur stad air na làithean saora aca a thathas ag iarraidh ach oidhirp agus airgead a bharrachd ann a bhith a' margaidheachd nan Eilean.
Chomharraich e airgead a chur an sàs 's dòcha ann an tachartasan sa sgìre gus adhbharan agus spionnadh a thoirt do dhaoine thighinn a thadhal air na h-Eileanan san t-Sultainn 's anns an Dàmhair.
Tha Turasachd Innse Gall a' cruinneachadh fianais bho na buill aca son an argamaid as làidire 's as urrainn dhaibh a dhèanamh.
Thèid a chuir chun nam ministearan ris a bheil còmhdhail agus turasachd an urra, ro dheireadh an Lùnastail.