Oir nan rathaidean "nan cunnart"

Gearradh an fheòir
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste a' gearradh an fheòir a-mhàin aig cinn-rathaid, aig lùban, agus far a bheil soidhnichean.

Tha beatha dhaoine ga cur ann an cunnart leis an droch staid anns a bheil cliathaich rathaidean na Gàidhealtachd -- am beachd fhir a bha air a' Phoileas san sgìre.

Bha Tormod MacLeòid a' toirt seachad a bheachd agus Comhairle na Gàidhealtachd air a' phoileasaidh aca atharrachadh a thaobh feur aig oir an rathaid a ghearradh.

Chan eil sin ga dhèanamh a-nis ach aig ceann-rathaid, far a bheil lùb san rathad agus soidhnichean.

Ann am beachd Mhgr MhicLeòid gè-tà, tha cunnartan mòra an cois sin.

"Cuimhnich gu bheil tòrr aig oir an rathaid. Tha clann òg a' dol dhan sgoil, agus bidh daoine a' coiseachd air an dùthaich, dha na taighean a th' air an dùthaich," thuirt e.

"Cuideachd, far a bheil sinn a' faicinnn gu bheil dràibhearan a' briseadh sìos, agus nach urrainn dhaibh an carbaid a chur far an rathaid.

"Tha mi a' creidsinn gum feum sinn coimhead air a' chùis ann am balaiste.

"Air aon làimh, tha mi a' faicinn carson a dh'fheumas iad sàbhalaidhean a dhèanamh.

"Ach air an làimh eile, feumaidh sinn cuideachd a bhith a' sealltainn air sàbhailteachd dhaoine.

"Tha fhios againn air a' Ghàidhealtachd air fad, ma tha fàl nan rathaidean a' fàs fada, 's nach eil e air a ghearradh, gu bheil sinn a' call sealladh air an rathad romhainn," thuirt e.

Thuirt labhraiche bhon Chomhairle gun do dh'aontaich an t-ùghdarras aig coinneimh san Dùbhlachd gun deadh am feur a ghearradh aig cinn-rathaid, far am feum dràibhearan rathaidean eile a tha a' ceangal ris an fhear air a bheil iad fhaicinn, aig lùban far a bheil tubaistean air a bhith, agus timcheall soidhnichean.

Thuirt iad gun tèid an gearradh aig deireadh an t-seusain gus nach fhàs cus chraobhan 's eile air ais.