NHS na Gàidhealtachd "£5m thairis"

Tha ceannard ionmhais NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gur dòcha gun tèid iad £5m thairis air a' bhuidseat aca ro dheireadh na bliadhna-ionmhais, mura tèid aca air cosgaisean a ghearradh mar a tha còir.

A rèir Nick Kenton, tha cosgaisean a bharrachd an lùib seirbheisean a chumail ri euslaintich san iar-thuath agus Ospadal an Ràthaig Mhòir a' cur ris an uallach a th' orra.

Tha tè de bhuill-phàrlamaid na h-Alba air Ghàidheatlachd, Rhoda Ghrannd, ag ràdh gum bu chòir Riaghaltas na h-Alba taic a bharrachd a thoirt dha NHS na Gàidhealtachd agus bùird eile mus bi aca ri leithid bhuidseatan trèanaidh a ghearradh cus.