Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist-bhàta

Bhàsaich fireannach agus tha dithis eile a fhathast a dhìth às dèidh dhan bhàta san robh iad car a chur ann an Linne Fhoirthe. Thuirt na Poilis gun deach an duine a lorg aig muir timcheall air mìle a-mach à East Wemyss, ann am Fìobha. Bhàsaich e anns an ospadal. Chaidh am bàta san robh na daoine, dinghy bheag iasgaich, a lorg ann an sgìre East Wemyss cuideachd. Thuirt na Maoir-Chladaich gu bheil dà bhàta teasairginn a-muigh aig muir, agus gu bheil sgiobannan a' sgrùdadh nan cladaichean.

A' Ghrèig

Tha e a' coimhead coltach ris gu bheil Riaghaltas na Grèige gus a thighinn gu aonta leis an luchd-creideis aca a thaobh plana cobhair ùir luach €86bn. Bhiodh aonta a' ciallachadh nach deadh a' Ghrèig banca-briste, agus gum fuiricheadh an dùthaich anns an Euro. Thuirt ministear ionmhais na Grèige gun deach gu math le còmhraidhean tron oidhche, agus nach eil ach puing no dhà ri rèiteach.

Sochairean

Dh'fhaodadh plana gus sochairean a thoirt air falbh bho in-imrich buaidh a thoirt air na mìltean dhaoine anns an Rìoghachd Aonaichte fhèin. Tha ministearan ag ràdh nach bu chòir do luchd-imrich a bhith a' faighinn sochairean gus am bi iad ann am Breatainn airson ceithir bliadhna. Ach bhiodh e an aghaidh riaghailtean an AE casg a chur air luchd-imrich a-mhàin, agus air sgàth sin tha an Riaghaltas a' beachdachadh air toirt air Breatannaich feitheamh ceithir bliadhna fo aois 18 bliadhna mus fhaigh iad sochairean.

Duine a Dhìth

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd a' feuchainn ri lorg fhaighinn air neach-turais a chaidh a dhìth anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh Kamai Yusuke fhaicinn mu dheireadh mu 08:30m Disathairne. Tha Mgr Yusuke eadar 35 agus 45, tha e timcheall air 5'6" de dh'àirde, caol le falt dubh, agus bidh speuclairean air. Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fios a chur chun nam Poileas.

NHS na Gàidhealtachd

Tha Ball-Pàrlamaid Albannach air a' Ghàidhealtachd air a ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dha NHS na Gàidhealtachd agus bùird-shlàinte eile airson an cuideachadh leis an uallach airgid a th' orra. Tha Rhoda Ghrannd airson 's gun tèid airgead airson trèanadh a chumail, seach gu bheil gainneadh luchd-obrach a' cur gu mòr ri cosgaisean leithid NHS na Gàidhealtachd, agus aca ri dotairean locum is eile fhastadh. Bidh coinneamh de bhòrd NHS na Gàidhealtachd ann an-diugh agus fiosrachadh aca gu bheil iad ann an cunnart a dhol £5m thar a' bhuidseit airson na bliadhna-ionmhais.