Ceist mu faraidhean adhar saor

  • Air fhoillseachadh
Am port adhar ann an Kirkwall
Fo-thiotal an deilbh,
Thàinig na ceistean bho bhall Arcaibh, Liam Macartair

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba nach eil iad air bruidhinn ris a' Choimisein Eòrpach mu sgeama nam faraidhean adhar saor, ADS, anns an dà bhliadhna mu dheireadh.

Chaidh ceistean sgrìobhte mun sgeama a chur gu Rùnaire na Còmhdhail, Derek Macaoidh le Ball Arcaibh ann am Pàrlamaid na h-Alba, Liam Macartair.

An-dràsta, tha cothrom aig daoine sna h-Eileanan agus pàirtean dhen Ghàidhealtachd 40% fhaighinn far na faraidhean aca, cho fad 's nach e turas gnìomhachais air a bheil iad a' dol.

Nuair a thòisich an sgeama bha e comasach do leithid buidhnean poblach agus gnìomhachasan faraidhean saora fhaighinn do luchd-obrach, ach chaidh sin a tharraing ann an 2011, 's an Riaghaltas ag ràdh gur e Riaghailtean a' Choimisein Eòrpaich bu choireach.

Tha Mghr Macartair ag ràdh gun tug seo droch bhuaidh air gnìomhachasan anns na h-Eileanan.

Thuirt e gu bheil an dearbhadh seo nach eil an Riaghaltas 's an Coimisean air bruidhinn air a' chùis ann an dà bhliadhna a' cur ris an argamaid gur iad an Riaghaltas a rinn an co-dhùnadh, 's nach e an Roinn Eòrpa.

Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil seo a' dearbhadh nach eil an Riaghaltas air cothrom a ghabhail an sgeama a leasachadh, mar eisimpleir leis an t-suim a dh'fhaodar fhaighinn far na faraidhean, àrdachadh 's gum bi sin gu math tàmailteach do mhuinntir nan Eilean.

Chaidh an ùine a ruitheas an sgeama a leudachadh san ùine sin, ach na fhreagairt do Mhghr Macartair, thuirt Mghr Macaoidh gu robh an cumhachd aig an Riaghaltas sin a dhèanamh gun a dhol chun a' Choimisein ma dheidhinn an-toiseach, ach fios a chur thuca ma dheidhinn.

Thuirt labhraiche an Riaghaltais gun deach ADS (an Air Discount Scheme) a dhealbhachadh airson faraidhean nas ìsle a thoirt do dhaoine fa leth ann an cuid de sgìrean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan agus gu bheil sin cuideachd a' toirt a-steach oileanaich a tha a' fuireach air falbh bhon taigh.

Thuirt iad gu bheil làn fhios aig Mghr Macartair nach ann airson subsadaidh a thoirt seachad do bhuidhnean poblach agus companaidhean prìobhaideach a chaidh an sgeama a stèidheachadh.