Fear-turais ga lorg

Chaidh lorg fhaighinn air fear-turais a bha a dhìth anns a' Chuilthion.

Thuirt Polais na h-Alba gun robh Thierry Coffie às an Fhraing, a tha 58, air a bhith a' coiseachd ann an sgìre An Dorais faisg air Sgurr a' Mhadaidh agus Sgurr a' Ghreadaidh.

Bhathas ga shireadh fad ceithir uairean fichead mus deach fhaighinn anmoch Diciadain.

Tha e a-nis ann an stait cothromach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.