Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig lùghdachadh air àireamhan cion-cosnaidh na h-Alba

Thuit àireamhan cion-cosnaidh an Alba eadar an Giblean agus an t-Òg Mhìos, ach dh'èirich iad am Breatainn gu lèir, a-rèir figearan oifigeil. Tha ìre chion-cosnaidh na h-Alba aig còig puing a sia às a cheud a-nis - an aon rud ri Breatainn air fad. Dh'èirich pàigheadh dhaoine am Breatainn dhà puing a ceithir às a' cheud.

Leig Aonghas Mac na Ceàrdaich seachad ath-thagradh mu mhort a World's End

Tha am mortair, Aonghas Mac na Ceàrdaich, air an ath-thagradh aige an aghaidh dìteadh cùis an Worlds End a leigeal seachad. Chaidh binn beatha, le òrdugh gum feum e a bhith anns a' phrìosan airson co-dhiù seachd bliadhna deug thar fhichead air Mac na Ceàrdaich, a tha trì fichead agus a h-aon deug. B'e a' bhinn a b'fhaide a-riamh a chuir cùirt Albannach air duine. Bha Mac na Ceàrdaich a' dol às àicheadh gun mhort e Christine Eadie agus Helen Scott, a chaidh a lorg marbh às dèidh dhaibh a bhith ann an Taigh-òsta an Worlds End ann an Dùn Èideann.

Tha taic-airgid son èideadh-sgoile aig diofar ìrean an Alba

Tha diofar mòr air feadh Alba anns na grantaichean a tha Comhairlean a' toirt do theaghlaichean air pàigheadh ìosal airson èideadh-sgoile a cheannachd. 'S e grant de nas lugha na trì fichead agus a deich notaichean a gheibh teaghlaichean bhon a' mhòr chuid de Chomhairlean. Agus sin an t-suim bu lugha a mhol buidhean Riaghaltais airson grantaichean bho chionn sia bliadhna.

Bha teine marbhtach ann am flat an Dùn Èidean

Tha dùil gur e corp fireannaich a chaidh fhaighinn ann am flat a chaidh na theine ann an Dùn Èidean a-raoir. Tha eòlaichean a' feuchainn ri dearbhadh cò e. Bha an teine ann am flat air a' cheathramh làr ann am Polwarth.

Thuirt an Riaghaltas gum bu chòir lasachadh VAT a thoirt do luchd-siubhail

Tha an Riaghaltas ag iarraidh air bùidean aig puirt-adhair lasachadh VAT a thoirt do dhaoine a tha a' fàgail an EU. Thàinig e am bàrr gu bheil cuid de bhùidean air a bhith a' cur na bh'air a shàbhaladh ris na prothaidean aca.

Chaidh ceistean a thogail mu sgeama nam faraidhean adhar saor

Chan eil conaltradh sam bith an dèidh a bhith eadar Riaghaltas na h-Alba agus an Coimisean Eòrpach mu sgeama nam faraidhean adhar saora, an Air Discount Scheme, ann an co-dhiù dà bhliadhna. Tha sin a dh'aindeoin 's gun deach a leudachadh son ceithir bliadhna eile san àm sin. Tha Ball-Pàrlamaid Albannach Arcaibh, Liam MacArtair, a' fàgail air an Riaghaltas gum bi an t-uamhas dhaoine sna h-Eileanan mu thuath agus mun iar air an tàmailteachadh nach deach oidhirp a dhèanamh piseach a thoirt air an sgeama. Thàinig seo am follais as dèidh ceistean sgrìobhte a dh'fhaighnich Mgr MacArtair do Mhinistear na Còmhdhail, Derek MacAoidh.