Corp ga lorg san Eilean Sgitheanach

Kamai Yusuke Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Kamai Yusuke fhaicinn mu dheireadh mu 08:30m Disathairne.

Tha polais san Eilean Sgitheanach air dearbhadh gur e an corp aig an neach-turais Kamai Yusuke a chaidh a' lorg san Eilean Sgitheanach.

Chaidh an corp a' lorg le ball dhen phoball ann an Tròndairnis air an aonamh latha deug dhen Lùnastal.

Thuirt na polais nach eil càil amharasach mu bhàs 's gun deach fios a chur gu theaghlach.

Thug iad taing do luchd-teasargain, am poball agus na meadhanan airson taic san iomairt.