Iomagain mu MPA Chanaigh

  • Air fhoillseachadh
Prawns
Fo-thiotal an deilbh,
Thig na riaghailtean ùra a-steach san t-Samhain.

Tha uallach air cuid a dh'iasgairean Mhalaig gun tèid a' mhòr chuid de bhàtaichean musgan caoil a bhaile à bith nuair a thèid sgìre mara ghlèidhte, MPA, a' steidheachadh deas air Canaigh as t-Samhain.

Tha iad ag ràdh nach eil iad an aghaidh sgìrean glèidhte, ach gu bheil na riaghailtean an cois an fhir seo ro theann dhaibh, a chionn 's gur ann a' deas air Cannaigh a tha iad a' faighinn a' mhòr chuid dhe na musgan-caoil, 's chan eil na bàtaichean beaga aca freagarach son a dhol a dh'iasgach air falbh bhon oir-thìr.

Beò-shlainte

A-reir nan iasgairean, caillidh iad am beò-shlaint agus bheir e buaidh air draibhearan làraidh, luchd-giollachd agus luchd-reic nam musgan-caoil cuideachd.

Tha cuid dhiubh dhen bheachd gum bi feum aca air a' bhaile fhàgail le an cuid teaghlaichean, 's gun toir sin droch bhuaidh air eaconomaidh na sgìre.

Co-chomairleachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach a' cho-chomhairleachadh a' leudachadh agus gun deach an ceann-latha son an MPA a chur an gnìomh, a chur air ais chun t-Samhain.

Dh'iarr Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ruiseart Lochhead air na h-iasgairean, fiosrachadh sam bith eile a chur thuige, fiù 's nuair a thòisicheas an MPA.

Ach tha iasgairean iomagaineach mun a sin cuideachd, a chionn ma nochdas iad draghan às dèidh dhan MPA fosgladh, bheir e ùine a dhol tron Phàrlamaid 's dh'fhaodar cosnaidhean a chall anns an eadar-ama.