MV Adonia 'sa Ghearasdan

Image caption Tha 30,000 tunna 'san MV Adonia

Tha dùil ri tè de na bàtaichean is motha a bha riamh anns an Linne Dhuibh Diardaoin.

Bidh an MV Adonia, a tha a' giùlain 390 de chriutha agus 830 luchd-turais, a' tadhail air diofar bhailtean air feadh na Rìoghachd Aonaichte thairis air 13 latha.

Le tomhas de 30,000 tunna innte, 's i tè de na bàtaichean is motha a bha riamh san Linne Dhuibh.

Thuirt Cathraiche Comataidh Sgìre Loch Abair, Tòmas MacIllinnein gur e rud math a th'ann don bhaile agus e cinnteach gun còrd na seallaidhean breagha ris an luchd-turais.

'Leis gach neach air bòrd 'sa chomantas a' cosg £40 - £50 'sa bhaile, bheir seo togail dhan eaconomaidh' thuirt e.

'Bidh cuid den luchd-turais a' gabhail splaoid timcheall Loch Abair 's feadhain eile dìreach a' cur an latha seachad 'sa Ghearasdan'.

'Son cuid, 'se seo a' chiad turas aca dhan sgìre agus tha mi an dòchas gun tìll iad a-rithist'.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag obair an dràsta le companaidhean turasachd son barrachd bhàtaichean a thàladh a Phort Rìgh, Ulapul, Inbhir Ghòrdain agus Sgrabastair.