Aonad Dialysis air fosgladh ann an Cinn Tìre

dialysis machine
Image caption Chan eil ach dithis a' faighinn leigheis anns an aonad aig an ìre-sa.

Thòisich sgeama dearbhaidh le seirbheis dialysis ùr ann an Cinn Tìre an t-seachdain-sa.

Tha a' choimhearsnachd air còrr is £100,000 not a chruinneachadh airson an uidheamachd a cheannach dha NHS na sgìre.

Thuige seo bha aig euslaintich ri siubhail a dh'Alexandria airson cobhair - turas trì uairean a thìde gach slighe.

Bheir e suas ri coìg uairean a thìde an dialysis fhèin fhaighinn.

Uidheamachd ùr

'S e teicneòlas ùr a thathas a' cleachdadh san aonad - chemo dialysis - agus gu h-àbhaisteach tha iad feumach air ionad giollachd uisge, ach tha an goireas seo a' cleachdadh uisge an tap 's tha sin air a ghlanadh gu ceart.

Leis an sin, tha an uidheam rud beag nas lugha agus nas fhasa a ghluasad gu àitean eile ma tha feum air sin a dhèanamh.

Iomairt mhòr

Ged nach eil ach dithis euslainteach ga chleachdadh an dràsta, bha tòrr ga iarraidh nuair a thòisich an iomairt ann an Cinn Tìre.

Thog a' choimhearsnachd £100,000 's thuirt Cathraiche na h-Iomairt, Dòmhnall Kelly gun do rinn iad iomadach rud ann an iomadach coimhearsnachd air feadh Chinn Tìre 's fhuair iad tabhartasan bho dhaoine, fear dhuibh son £40,000.

Thuirt Caidreachas Dubhaig Bhreatainn gur e seo tè dhe na iomairtean is luaithe ann an àite sam bith ann am Breatainn son aonad a stèidheachadh.

Ma shoirbhicheas leis ann an Ceann Loch Chille Chiarain, dh'fhaodadh gun tèid fheuchainn cuideachd ann an sgìrean iomallach eile, leithid Eilean Bhòid.