Òrdugh Ceannach son Seach-rathad Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd dearbhadh an-diugh gu bheil iad air Òrdugh Ceannach fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba a leigeas le Seach-rathad Inbhir Nis a dhol air adhart.
Chaidh còmhraidhean a chumail le uachdarain is thàinig iad gu aonta air crìochan an rathaid agus àitean far am faighear a-steach dhan fhearann aca.
Leis an Òrdugh Ceannach seo, faodaidh a' chomhairle a-nis obrachadh le Oifis Luach an Fhearainn - buidheann a tha gu tur neo-eisimeileach - airson faighinn a-mach dè bu chòir dhaibh a bhith a' pàigheadh son na pìosan talmhainn a dh'fheumas iad a cheannach son an rathaid mhòir.
Slighean coiseachd
Thèid grunn slighean coiseachd eadar Abhain Nis agus Rathad Dhubhrais a' ghluasad gus nach bi iad ro fhaisg air an t-seach-rathad ùr.
Thèid coinneamhean poblach air adhart son fios a chumail ris na coimhearsnachdan air an toir seo buaidh, leis a' chiad tè dhuibh air an 31mh Lùnastal.
Tha planaichean son seach-rathad a' bhaile air tòrr chonnspaid adhbharachadh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, ach Diardaoin chuir Pròbhaist a' bhaile, Eilidh NicIlleMhìcheil fàilte air an nàidheachd gu bheil adhartas ga dhèanamh.
Thuirt i gun toir e buannachd dha eaconomaidh na sgìre - a-rèir na Comhairle son a h-uile not a thèid a chosg air an rathad a' thogail, bidh bhuannachd de cheithir notaichean ann.
Tha i an dùil gun toir e piseach air rathaidean a' bhaile cuideachd, 's iad air an tacadh le càraichean cha mhòr fad an t-siubhail thairis air an t-samhradh.