Dragh mu uallaichean Oighreachd a' Chrùin

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhaodadh gun cosgadh obair-sgioblachaidh air seann chlàran ola suas ri £50bn

Dh'fhaodadh còir air grunnd na mara uallaichean mòr a chuir air Riaghaltas na h-Alba airson seann chlàran ola agus gas a sgioblachadh air falbh.

Tha Bile na h-Alba a' moladh cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a thaobh grunn na mara, agus na màil a thigeadh nan cois, a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus gun tèid an uair sin an cuir sìos gu na h-ùghdarrasan ionadail.

Ach, ged a tha còirichean aig Oighreachd a' Chrùin a thaobh cumhachd ath-nuadhachail a-mach gu 200 mìle, chan eil e soilleir cò leis a tha an grunn.

Mas ann le Riaghaltas na h-Alba a bhios e, dh'fhaodadh gun tuit uallach orra-san airson glanadh air falbh claran ola, ma thèid na companaidhean fodha 's nach urrainn dhaibh fhèin pàigheadh airson na h-obrach.

Uallach airgid

Dh'fhaodadh gun cosg seo eadar £35bn agus £50bn.

Thuirt an Dtr Mìcheal Foxley, a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, gum feumar soilleireachadh fhaighinn air a' cheist seo san aithghearrachd.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ann an còmhraidhean le Riaghaltas Westminster mu uallaichean Oighreachd a' Chrùin agus mar as fheàrr a ghabhas an roinn a-mach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh