Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Chaidh co-dhiù leth-cheud duine 's a dhà a mharbhadh ann an ionnsaigh boma air margaidh ann am Baghdad. Chaidh na ceudan a leòn. Spreadh làraidh ann am margaidh thrang ann an sgìre Shi'a ann an ear-thuath a' bhaile. Tha a' bhuidhean IS ag ràdh gur iad a bh'air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Spreadhaidhean

Tha an àireamh dhaoine a bhàsaich ann an spreadhaidhean mòra aig baile puirt ann an Sìona air èirigh. Bha sreath de spreadhaidhean ann am baile Tianjin, 's tha dùil gun deach co-dhiù dà fhichead duine 's a ceithir a mharbhadh. Tha mòran eile air an leòn. Tha dùil gur e tubaist gnìomhachais a bh'anns na spreadhaidhean, seach ionnsaigh cheannairc.

Chilcot

Tha cuid dhe na teaghlaichean aig saighdearan Breatannach a bhàsaich ann an Iorac a' bagairt cùis lagh a thogail an aghaidh Sir Iain Chilcot, a tha os cionn rannsachaidh mun a' chogadh. Chrìochnaich an rannsachadh ann an 2011, ach chan eil an aithisg air nochdadh fhathast, 's cothrom ga thoirt do dhaoine a tha gan càineadh ann, freagairtean a thoirt seachad. Ach, tha mòran an-fhoiseal mun ùine a tha sin a' toirt. Tha na teaghlaichean a' bagairt a dhol gu lagh mura nochd an aithisg ro dheireadh na bliadhna.

Oighreachd a' Chrùin

Tha ceistean air èirigh mun uallach a dh'fhaodadh a dhol air Riaghaltas na h-Alba neo ùghdarrasan ionadail, ma thèid cumhachdan Oighreachd a' Chrùin air grùnnd na mara a roinn a-mach fo Bhile na h-Alba. A-measg eile, tha dragh ann gur dòcha gur ann orra a thigeadh cosgaisean airson seann chlàran ola agus gas a thoirt a-mach à seirbhis agus a sgioblachadh mura gabh na companaidhean ola 's gas uallach air a shon. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil còmhraidhean a' dol le Westminster mu mar as fheàrr a ghabhadh uallaichean Oighreachd a' Chrùin a roinn.

Dreuchdan teagaisg

Tha e air thighinn am barr gu bheil còrr air fichead dreuchd bàn airson ceannardan bun-sgoil ann an Alba. Tha sin an taca ri seachd àiteachan bàn do cheannardan àrd-sgoile. Thàinig am fiosrachadh bhon phàrtaidh Tòraidheach an Alba fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Tha am pàrtaidh ag ràdh gu bheil ochd ceud gu leth dreuchdan bàn airson tidsearan - eadar bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean na dùthcha. Tha Riaghaltas na h-Alba mar-thà air airgead ainmeachadh airson ceannardan a thrèanadh 's air cur ris na tha de dhaoine a' dol a-steach son a bhith nan tidsearan.

Tidsearan Mhoireibh

Aig a' cheart àm tha Comhairle Mhoireibh ag ràdh gu bheil iad air a' chiad tidsear aca fhastadh a gheibh taigh gun màl aca ri phàigheadh air. Tha an iomairt mar phàirt de dh'oidhirp air tidsearan a bharrachd fhastadh. Seo a' chiad sgeama dha sheòrsa an Alba, 's a' Chomhairle air aonta a ruighinn leis a' chompanaidh thogail thaighean, Springfield. Fon phlana chan fheum tidsearan màl a phàigheadh air an taigh airson sia mìosan.

Leigheas dialysis

Tha seirbheis dialysis air tòiseachadh ann an Cinn Tìre, às dèidh dhan choimhearsnachd fhèin ceud mìle not a thogail airson an uidheamachd a stèidheachadh san sgìre. Chun an seo bha aig euslaintich ri siubhail trì uairean a thìde gach slighe a dh'ospadal a' Mhàgh Leamhna ann an Alexandria.