Cead ga shireadh airson raointean rugbaidh ùra

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air làn chead dealbhachaidh iarraidh airson raointean rugbaidh ùr ann an Inbhir Nis, mar phàirt dhen sgeama airson ceangal-rathaid an iar a' bhaile.

Dh'fheumadh goireasan cluba rugbaidh Inbhir Nis gluasad airson an rathaid ùir.

Tha an t-iarrtas a' gabhail a-steach taigh-cluba, raon fuadan agus dà raoin feòir.

Thig a' chùis air beulaibh comataidh dealbhachaidh deas na Comhairle Dimàirt.

Thathas mar-thà air cead a thoirt do raon-goilf ùr a dheadh an àite raoin Thòrr Bheathain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh