Bethesda a' sireadh luchd-obrach a bharrachd
- Air fhoillseachadh

Tha dachaigh-cùraim Bhethesda ann an Steòrnabhagh an-dràsta a' sireadh 14 de luchd-obrach a bharrachd.
Tha an dachaigh-cùraim ga leudachadh an-dràsta 's naoi leapannan a bharrachd gan cur ris.
Thòisich an obair sin an t-seachdain a chaidh, 's dùil gum bi i deiseil anns an t-Samhain.
Thathas a' sireadh luchd-obrach an-dràsta fhèin gus am bi iad air chomas tòiseachadh cho luath 's a tha an t-àite deiseil.
'S e luchd-taic cùraim as motha a thathas a' sireadh, ach bidh luchd-glanaidh cuideachd a dhìth orra agus luchd-obrach airson an ionaid-nigheadaireachd agus a' chidsin.
Ùidh
Thuirt oifigear ionmhais Bhethesda, D.R. Dòmhnallach, gu bheil iad misneachail gun tèid aca air na dreuchdan seo a lìonadh le na tha de dhaoine air foirmichean tagraidh iarraidh.
"Tha sinn gu math dòchasach gum faigh sinn gu leòr dhaoine - bheir sin an luchd-obrach againn suas gu faisg air 80 agus tha sin a-rithist a' dol a chur mòran airgid air ais dhan choimhearsnachd".
Tha suas ri 30 duine a' feitheamh airson dachaigh-cùraim ann an Leòdhas an-dràsta, thuirt e, agus bidh an leudachadh air Bethesda na chuideachadh airson an àireamh sin a thoirt a-nuas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar 2015
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean 2015