Plàigh rabaidean ann an Nis
- Published
Tha dragh air muinntir Nis ann an Leòdhas mu na tha de rabaidean anns an àite 's am milleadh a tha iad a' dèanamh air a' mhachair agus air croitean.
Thuirt fear de chomhairlichean Nis, Coinneach MacLeòid, gu bheil cuid de dh'àitean air fàs cunnartach airson a bhith a' coiseachd orra air sgàth 's na th' ann de thuill rabaidean.
Tha na beathaichean cuideachd a' dèanamh millidh air pàirce na sgioba ball-coise.
"Madainnean bhiodh deich neo còig deug rabaid air a' phàirce agus ma chumas sin a' dol cha bhi a' phàirc idir ann" thuirt e.
Tha sgiobannan air a bhith a' tighinn bho Thìr Mòr bho chionn beagan bhliadhnaichean airson rabaidean a mharbhadh ann an diofar àitean ach tha an Comh. MacLeòid a' dèanamh dheth nach eil sin air cus buaidh a thoirt air na th' ann dhiubh.
"Chan eil na h-àireamhan air lùghdachadh cho mòr 's a tha daoine a' miannachadh".
Canaigh
Tha Mgr MacLeòid a' moladh gun deadh eisimpleir Chanaigh a' leantainn far an deach 9,000 rabaid a spadadh thairis air trì mìosan.
Tha e ag ràdh nach gabh smachd fhaighinn orra le buidhnean a tha ris an obair gu saor-thoileach.
"Tha iad cho lìonmhor - tha cus aca ann gus am bi daoine ag obair orra gu saor-thoileach. Feumaidh, tha mi a' smaoineachadh ... sgiobannan a thighinn a-steach bho Thìr Mòr."
'S e a bhith a' losgadh orra, na bheachd-san, an dòigh as fheàrr am marbhadh gus am bi dearbhadh ann air cia mheud dhiubh a thèid a spadadh.
Mhol e cuideachd gun gabhadh feòil nan rabaidean a reic, mar a thachair le rabaidean Chanaigh.