Geòidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh mu na Geòidh

14 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig rabhadh às ùr gu bheil croitearachd sna h-Eileanan an Iar ann an cunnart a dhol à bith mura tèid dèiligeadh ri na th'ann de gheòidh ghlasa.

Tha e coltach nach robh na h-eòin a-riamh cho pailt air taobh siar Leòdhais gu h-àraid.

Ged a thòisich sgeama ùr toiseach na bliadhna airson àireamh nan eun a lughdachadh, tha beachd air nochdadh gu bheil an t-àm ann tac ùr a ghabhail.