Croitearan Uibhist gus stoc a chur bhuapa

Treabhadh
Image caption Bha obair curachd na bliadhna seo gu mòr air dheireadh ri linn na h-aimsire as t-Earrach, le Samhradh fuar, fliuch às dèidh sin.

Dh'fhaodadh gun cuir croitearan ann an Uibhist bhuapa cuid den stoc aca an àite feur a chumail riutha air a' Gheamradh seo.

Tha an droch aimsir fad an Earraich agus an t-Samhraidh a' fàgail nach fhaigh cuid ach gu math nas lugha na an dàrna leth de na bhiodh dùil aca às na chuir iad anns a' mhachaire.

Mar thà, tha croitearan a' ceannach feòir a-steach bho Thìr Mòr, ach tha e gann an sin cuideachd, agus nas cosgaile ri linn sin.

A rèir stèisein aimsire phrìobhaidich ann an Uibhist a Deas, bha i a' sileadh 22 là den Iuchar, agus b' e 11C ìre an teotha anns a' chumantas tron mhìos.

Tìr Mòr

Bidh croitearan ann an Uibhist a' cur measgachadh de choirce beag, eòrna agus seagal air a' mhachaire, de am bi iad a' dèanamh saoidhleid a chùm biadh Geamhraidh do an cuid stuic.

Bha droch aimsir an Earraich a' fàgail gun robh iad gu mòr air dheireadh leis an obair churachd, agus cha robh mòran fàis ann ri linn fuachd agus fliuchad an t-Samhraidh.

"Tha sinn air tòrr a chall, gu leòr dheth a chall, a chaidh a bhàthadh 's a lathadh, bha an talamh cho fuar," thuirt Uilleam Camshron, a tha na chroitear ann an Uibhist a Deas.

"Tha e làn uisge fhathast.

"Bha còir aige a bhith suas glè mhath a-niste, 's a bhith a' briseadh às, fiù 's a' chuid mu dheireadh a chaidh a chur dheth.

"Tha còir aige a bhith a' briseadh às a-niste agus a' lìonadh a-staigh. An coirce beag a tha sin, tha e nas deireannaiche co-dhiù, ach chan eil sian ann. Tha pàirt dheth chan eil sian idir ann.

"Cha dèan acair idir bèile," thuirt e.

Tha feadhainn a bhios a' ceananch feòir a-steach à Tìr Mòr ri reic ann an Uibhist sa Gheamhradh, ga reic mar thà, agus dùil aca ann am bliadhna àbhaistich gum biodh na seadaichean aca làn mun àm seo, seach falamh.

"Tha suidheachadh againn ann an Uibhist, agus tha mi a' creidsinn anns a h-uile eilean eile, nach fhaca mise riamh roimhe," thuirt Tormod MacAsgaill, a tha na cheannaiche feòir ann an Uibhist.

Nas Daoire

"Tha sinn air a bhith a' tarraing luchdan feòir a-niste o chionn trì seachdainnean gu daoine, agus ga thoirt gu dìreach gu feadhainn a tha gu math dìcheallach airson bàrr a dhèanamh, agus cha do dh'fhàs dad aca am-bliadhna.

"Seo rud nach do rinn sinne riamh roimhe.

"Mun àm seo a h-uile bliadhna, 's àbhaist dhan t-seada seo a bhith loma-làn feòir airson a bhith ga reic fad a' Gheamhraidh - chan ann idir a bhith ga reic as t-Samhradh," thuirt e.

'S e feur na bliadhna an-uiridh a tha Mgr MacAsgaill air a bhith a' tarraing dhachaigh chun na seachdain seo fhèin am-bliadhna.

Anns na bliadhnaichean roimhe, bhiodh e a' faighinn a' chiad luchd de dh'fheur ùr na bliadhna sa chiad sheachdain den Iuchar.

Ach tha cho truagh 's a tha an aimsir air a bhith air Tìr Mòr a' fàgail gu bheil duilgheadasan mòra an sin cuideachd a thaobh a bhith a' dèanamh feòir, 's tha am feur mu sheachd seachdainnean air dheireadh am-bliadhna.

"Cha robh sop feòir ri fhaighinn an Alba an t-seachdain seo chaidh," thuirt Mgr MacAsgaill.

"Bha an aimsir pailt cho dona air Tìr Mòr 's a bha i an seo.

"Dìreach, cha robh fhios aca dè dhèanadh iad. Bha an talamh fliuch, 's cha robh sin rèidh airson feur a ghearradh, cha robh teansa aca am feur a thiormachadh," thuirt e.

An-dràsta tha feur ùr mu £20 nas daoire an tunna na bha aig an àm seo an-uiridh, agus e gu math gann. Dh'fhaodadh a' phrìs èirigh fhathast.

Tha cuid de chroitearan ann an Uibhist den bheachd nach toir iad ach eadar 10% agus 50% de na 's àbhaist dhaibh às na chuir iad.

Cuideachd chan eil coltas ann gun cùm an talamh ionaltraidh anns a' mhachaire an crodh gu deireadh na bliadhna, agus gum bi geamhradh daor romhpa.

"Tha e air tòrr a chosg eadar an sìol a chur, 's an obair a dhèanamh, 's guàno a chur air, 's a h-uile sian a shlaodadh 's a dhèanamh, 's an uair sin tha feum feur a cheannach airson dèanamh suas," thuirt Uilleam Camshron.

"Tha sinn fiù 's a' gearradh sìos air stoc cuideachd, o chionn tha a h-uile sian cho daor - is 's ann nas daoire a bhitheas e."