Dh'fhaodadh na geòidh "cur às do chroitearachd"

  • Air fhoillseachadh
Geòidh Ghlasa
Fo-thiotal an deilbh,
Tha croitearan air a bhith a' gearain o chionn iomadh bliadhna mun chron a tha na geòidh ghlasa a' dèanamh, agus tha sgeama spadaidh a' dol feuch na h-àireamhan aca a thoirt a-nuas.

Nochd rabhadh gum faodadh croitearachd anns na h-Eileanan an Iar a dhol à bith mura tèid dèiligeadh ri geòidh ghlasa.

Tha iad anns na h-eileanan fad na bliadhna a-nis, agus tha e coltach nach robh iad a-riamh cho pailt air taobh siar Leòdhais gu h-àraid.

Ged a thòisich sgeama aig toiseach na bliadhna airson na th' ann dhiubh a lùghdachadh, tha Coinneach MacMhathain, Clàrc Comataidh Ionaltraidh Bhrù, ag ràdh gur e suidheachadh èiginneach a th' ann, is gum feumar barrachd a dhèanamh.

"Chan e a-mhàin gu bheil iad ag ithe an fheòir, ach 's e an salachair aca san fheur," thuirt e.

Còigeamh Cuid

"Tha sin a' puinnseannachadh biadh a' chruidh 's nan caorach.

"Chan eil sin ceart a bhith ga thoirt dha beathaichean a tha ri gheamhrachadh.

"Tha tòrr rudan math a' tachairt ann an croitearachd, ach tha croitearachd mar ghnìomhachas sam bith eile: nuair a tha rudeigin ann nach eil ag obair ceart, chan eil an gnìomhachas a' dol a dh'obair ceart.

"Agus tha seo air a bhith briste a-nis bho chionn co-dhiù deich bliadhna, agus air adhbhar air choireigin tha e do-dhèante dhaibh sin a chur ceart," thuirt e.

Thuige seo am-bliadhna, chaidh còrr is 1,000 gèadh glas a mharbhadh ann an Leòdhas is na Hearadh mar phàirt de sgeama pìleat, agus tha dùil gun tèid 2,000 eile a mharbhadh ron Earrach an ath-bhliadhna.

"Tha e math gu bheil rudeigin a' tachairt. Ach tha còrr is còig bliadhna bho sgrìobh am fear a tha os cionn an RSPB anns na h-eileanan a tha seo chun na comataidh anns a' bhaile seo fhèin, ag ràdh, airson faighinn thairis air an trioblaid a tha seo, gum feumar an còigeamh cuid de na geòidh ghlasa a mharbhadh a h-uile bliadhna.

"Chan eil agad ach a dhol a-mach anns a' chàr, agus chì thu an ceann mionaid eadar 400 's 800 gèadh an sin.

"Nise, can an-dràsta gun robh an àireamh as lugha de na geòidh sin againn, 400, 's nam biodh còig iseannan aig gach fear, sin 2,000 gèadh eile, os cionn na th' ann mar thà.

"Chan eil iad a' faighinn thairis air an trioblaid a tha seo.

"'S ann an-dràsta, an Ògmhios, an t-Iuchar 's an Lùnastal, a tha iad ag obair air arbhar, agus sin an t-àm a dh'fheumas seasamh aca.

"Ach chan fhaod thu na h-eòin sin a mharbhadh, no a dhol às an dèidh, no dragh a chur orra, gun chead.

"Feumaidh sinn a dhol às dèidh nam buidhnean oifigeil. Agus chuir sinne fios, dh'innis sinn dhaibh mar a bha, 's chuir sinn deilbh thuca meadhan na h-Ògmhios, 's thug e trì seachdainnean mus d' fhuair sinn cead.

"Saoilidh mise dìreach gur e cion mothachaidh a th' ann air a' chall a tha geòidh a' dèanamh - chan e a-mhàin air croitearachd, ach air an àrainneachd agus air eòin eile, agus bòidhchead an àite.

"Tha a h-uile duine aca a' gabhail ris gu bheil trioblaid ann, 's trioblaid mhòr. Ach feumaidh iad tuigsinn gum feum iad daoine fhastadh airson na geòidh a mharbhadh.

"Tha e air a dhol fada seachad iar obair saor-thoileach, no obair spòrs dha oighreachd.

"Nuair a smaoinicheas tu mu dheidhinn, tha croitean tro na h-eileanan co-dhiù a' toirt a-steach £2m a h-uile bliadhna, agus ma leanas cùisean mar a tha, cha bhi stoc ann," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt SNH gur e roghainn na buidhne ionadail a tha a' dèiligeadh ri trioblaid nan gèadh - air a bheil croitearan 's uachdarain cho math ri riochdairean bhuidhnean glèidhteachais - ceadan losgaidh a thoirt do dhaoine a bhiodh ag obair gu saor-thoileach, seach gunnairean fhastadh mar tha a' tachairt ann an sgìrean eile de dh'Alba.

Thuirt e gum biodh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an sgeama às dèidh na ciad bhliadhna agus gum biodh iad deònach gabhail ri molaidhean ùra 'son dèiligeadh ris an t-suidheachadh le aonta na buidhne.