Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair Janner

Cha do nochd am Morair Janner air beulaibh maighstirean lagha ann an Lunnainn madainn an-diugh agus casaidean eachdraidheil drabastachd chloinne na aghaidh. Seo an dàrna turas nach eil e air nochdadh. Thuirt am fear-lagh aige gu robh e a' dèanamh tagradh gus am faigheadh am Morair Janner air nochdadh tro cheangal bhideo. Cha do ghabh an Àrd-chùirt an-dè ri argamaidean bhon luchd-lagh aige gu robh e ro bhochd le dementia airson nochdadh. Tha am britheamh air dàil a chuir anns a' chùis a bheachdachadh air na diofar roghainnean a dh' fhaodaiste a ghabhail a-nise.

Ceannas nan Làbarach

Chan eil ach gu meadhan làtha air fhàgail aig daoine airson bhòtadh anns an rèis airson ceannas nan Làbarach ann an Alba. Gheibhear a-mach madainn a-màireach an e Kezia Dugdale neo Ken Mac an Tòisich a th' air soirbheachadh. Tha dithis dha na tagraichean a tha a' seasamh mu dheas ag iomairt ann an Alba an-diugh. Thuirt aon dhuibh sin - Liz Kendall - nach biodh am pàrtaidh freagarrach airson a bhith a' riaghladh nam bhòtadh iad do Jeremy Corbyn mar cheannard. Tha i ag iarraidh air an luchd-taic aice-se an dàrna 's an treas bhòt aca-san a chleachdadh airson stad a chuir air Mgr Corbyn. Tha esan cuideachd a' coiteachadh ann am meadhan na h-Alba an diugh.

A' Ghrèig

Bhòt bùill de Phàrlamaid na Grèige gabhail ris an aonta as ùire bhon luchd-creideis aca. Bhòt cuibhreann gu math susbainteach dhan a' phàrtaidh riaghlaidh Syriza an aghaidh an aonta ge-tà, luach nam billeanan mòra notaichean. Bìdh ministearan ionmhais Sòn an Euro a' bhòtadh air a' ghnothaich an-diugh fhathast.

Gainnead feòir

Dh' fhaodadh gun cuir croitearan ann an Uibhist bhuapa cuid dha na beathaichean aca agus dragh mòr orra mun ghainnead de dh' fheur airson am biathadh tron gheamhradh. Tha droch aimsir bho àm an earraich a' ciallachadh gu bheil tòrr dhan bhàrr a chaidh a chur nach do dh' fhàs mar a bha còir. Tha croitearan a' ceannach feòir bhon tìr-mhòr mar thà, ach tha e gann an sin cuideachd agus tha a' phrìs gu math nas àirde am bliadhna.

Iapan

Bho chionn leth-uair a thìde, tha an Ceann-suidhe Iapanach Shinzo Abe air a ràdh cho duilich 's a tha e airson na dh' fhuiling daoine agus na rinn daoine aig àm an dàrna cogaidh. Ann an òraid a' comharrachadh trì fichead bliadhna 's a deich bho ghèill an dùthaich aige, thuirt Mgr Abe gu robh e air leth duilich airson boireannaich dha nach deach spèis sam bith a thoirt tron chogadh. Thuirt e gum feumadh Iapan dèanamh cinnteach nach tachradh an leithid a-rithist.

Pìobaireachd

Tha farpais còmhlain pìoba na cruinne air tòiseachadh ann an Glaschu. Tha còrr air ochd mìle pìobaire agus drumaire bho shia deug dùthaich eadar-dhealaichte an sàs anns an fharpais. Thig cùisean gu ceann air Glasgow Green a-màireach.