Faochadh air fàire am meadhan Inbhir Nis

Chaidh aon taobh den rathad a dhùnadh às dèidh teine sa Ghiblean
Image caption Tha an obair air maille mhòr a chur air dràibhearan

Tha dùil gum fosgail Sràid na h-Acadamaidh ann am meadhan Inbhir Nis gach slighe air a' chiad là den Dàmhair.

Tha tòrr ghearainnean air a bhith ann mun ùine a tha e a' toirt dràibheadh tro mheadhan a' bhaile bho chaidh aon taobh den rathad a dhùnadh às dèidh teine ann am bùth M&Co sa Ghiblean.

Thuirt Pròbhost a' bhaile, Eilidh NicIlleMhìcheil gu bheil i gu math toilichte gu bheil adhartas ga dhèanamh, agus gu bheil daoine air a bhith gu math foighdinneach fhad 's a bha an obair a' dol.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile