Freagairt "a dhìth" air clàr-ama Malaig-Loch Baghasdail

Loch Baghasdail
Image caption Thuirt am Ministear, Derek MacAoidh, gun robh e a' tuigsinn nach robh na coimhearsnachdan air aontachadh air clàr-ama ath-leasaichte, 's mar sin nach b' urrainn dha atharrachaidhean a chur an sàs am-bliadhna.

Tha buidheann còmhdhail ann an Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' feitheamh suas ri dà mhìos airson freagairt bho Riaghaltas na h-Alba a thaobh mholaidhean a bheireadh dhaibh seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdal 's Malaig.

Tha iad ag ràdh gu bheil sgeul aca air bàtaichean aiseig a tha nan tàmh pàirt den t-seachdain, a ghabhadh cleachdadh.

Tha iad cuideachd ag iarraidh an t-seirbheis a chur dha na pàipearan tagraidh airson cùmhnant nan seirbheisean aiseig airson an ath-ochd bliadhna.

"Feumaidh sinn a ràdh nach eil an t-strì a tha sinn ris a' dol air aghaidh mar a bu chòir, no cho luath 's a bu chòir," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, a th' air a' bhuidhinn.

Aonta

"Thachair sinn ris a' mhinistear, Derek MacAoidh, sa Ghiblean, agus thuirt e leinn, nam b' urrainn dhuinn clàr-ama a chur air aghaidh, far am b' urrainn dhuinn seòlaidhean a bharrachd fhaighinn eadar Loch Baghasdail agus Malaig, gun coimheadadh e air.

"Rinn sinn sin, agus a bharrachd air sin bhruidhinn sinn ri eileanan eile mar a bha Barraigh feuch dè a' bhuaidh a bha sin gus a thoirt orrasan.

"Cha robh muinntir Bharraigh deònach gum biodh e a' dol a Mhalaig air aon fhear de na slighean, ach am fear eile, cha robh e a' bualadh orra ann an dòigh sam bith.

"Dh'fhaodadh sin a bhith air a chur an gnìomh sa bhad, ach cha do ghabh iad an cothrom sin a dhèanamh.

"'S e an rud a bha an dà bhuidhinn eadar Uibhist agus Barraigh ag ràdh, gur e an aon dòigh air an gabh seo cur air dòigh, 's e gum biodh bàt-aiseig againne eadar Loch Baghasdail is Malaig, agus bàt-aiseig air leth eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban.

"Tha fhios aig a h-uile duine gur e sin an aon cho-dhùnadh a ghabhas dèanamh air an oidhirp a tha seo.

"Cha do rinn sinn ach dìreach a dhol chun a' chlàr-ama agus chunnaic sinn far an robh bàtaichean nan tàmh, agus gum b' urrainn dhaibh an uair sin tighinn a-staigh agus dà sheòladh a bharrachd a dhèanamh san t-seachdain.

"Bha e a' toirt cothrom do 6,000 càr a bharrachd a thoirt a-staigh leis a' chlàr-ama as t-Samhradh.

"Thachair sinn riutha, agus chuir sinn brath an uair sin gu Còmhdhail Alba, agus tha sinn gun sian fhaighinn air ais on uair sin," thuirt e.

Thuirt Còmdhail Alba gun do chuir iad freagairt dhan bhuidhinn chòmhdhail an t-seachdain seo chaidh a tha a' mìneachadh gu bheil Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, dèonach còmhraidhean a bhith ann mu sheirbheis pìleat eadar Loch Baghsdal is Malaig anns an t-Samhradh.

Thuirt e ge-tà gum biodh seo a rèir is nach toireadh an t-seirbheis buaidh air seirbheisean a th'ann mar-thà agus nach tigeadh e aig cosgais a bharrachd.

Thuirt e ma tha gach coimhearsnachd air am biodh buaidh aonaichte air atharrachadh sa chlàran-ama, gum biodh e toilichte taic a chur ris a' mholadh.

Tairgse

"'S e mo thuigse nach eil na coimhearsnachdan air an toireadh seo buaidh air tighinn gu aonta a thaobh clàr-ama ath-leasaichte, agus mar sin dheth chan urrainn dhomh atharrrachaidhean sam bith a chur an sàs am-bliadhna," thuirt Mgr MacAoidh.

"Tha mi, ge-tà, air iarraidh air na h-oifigich agam ann an Còmhdhail Alba bruidhinn gu dlùth ri Cal Mac feuch an gabhadh rudeigin a choilionadh san àm ri teachd a bhiodh a' freagairt gach cuid air Barraigh agus Uibhist a Deas."

Tha pàipearan tagraidh air a dhol a-mach airson cùmhnant seirbheisean aiseig a' chosta an iar a ruith anns an ochd bliadhna a tha romhainn, ach chan eil iomradh sam bith annta aig an ìre seo air seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

"Tha sin a' cur iomagain mhòir oirnne, gu h-àraid anns na h-Uibhistean, agus cha eil sinn a' tuigsinn carson air thalamh nach gabh sin cur anns an tairgse.

"Seo an cothrom as fheàrr a bhios againn airson bhliadhnaichean. Chan eil mi a' faicinn duine a' seasamh suas agus a' faighneachd carson nach eil e ann. 'S e culaidh-nàire a th' ann," thuirt e.