Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Làraidh-sgudail

'S e a' cheist an gabh casaidean prìobhaideach a thogail an aghaidh dràibhear na làraidh-sgudail a bha san tubaist ann an Glaschu anns an Dùbhlachd as motha a bha fo dheasbad an-diugh aig rannsachadh na tubaist bàsmhoir anns a' bhaile. Thuirt fear-lagha do dh'aon teaghlach a dh'fhulaing gu bheil iad a' beachdachadh air casaidean prìobhaideach a thogail, ged a chaidh innse dhan rannsachadh nach do thachair an leithid ach fìor ainneamh rona seo.

Iomairt Theasairginn

Tha iomairt theasairginn mhòr a' dol air adhart fhathast airson fear a thuit far bàt-iasgaich faisg air Obar Dheathain. Chaidh fios air na Maoir-Chladaich goirid ro 02:00m an-diugh gun robh an duine a dhìth faisg air taigh-solais Girdleness.

Làbaraich na h-Alba

Thuirt Ceannard ùr nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, nach eil eagal sam bith oirre a dhol an sàs ann an deasbad air siostam dìon Trident nuair a thig co-labhairt na pàrtaidh anns an Damhair. Dh'innis i dhan BhBC anns a' mhadainn an-diugh gum bi i a' cur tuilleadh deamocrasaidh aig cridhe na pàrtaidh, is cead aig ballrachd a bhith a' dealbh poileasaidh. Thuirt i am measg sin gum bi deasbad air an taic a tha na Làbaraich air a bhith a' cur ri siostam dìon niuclasach Bhreatainn.

Ceannas nan Làbarach

Tha bhòtadh a' tòiseachadh an-diugh airson ceannard ùr a thaghadh dha na Làbaraich air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha na cunntais-bheachd ag ràdh aig an ìre seo gur e Jeremy Corbyn bhon làimh chlì as motha aig a bheil taic.

Energy North

Chaidh a' bhuidheann Energy North, a bha stèidhichte ann an Inbhir Ghòrdain, fodha ann am fiachan. Bha a' bhuidheann, aig an robh 200 duine ag obair aig aon àm, a' riochdachadh 's a' brosnachadh obair na h-ola, gas agus cumhachd ath-nuadhachail. Thuirt iad gur e cho cugallach 's a tha an gnìomhachas an-dràsta as coireach ris an t-suidheachadh sa bheil iad.

Oighreachd a' Chrùin

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach eil adhbhar ann a bhith a' gabhail an eagail mun uallach a thigeadh air ùghdarrasan ionadail an cois smachd a ghabhail air grunnd na mara a bhuineas an-dràsta do dh'Oighreachd a' Chrùin. Thàinig rabhadh bho eòlaichean-lagha an t-seachdain seo chaidh nach eil e soilleir cò leis a bhitheadh an grunnd, agus cò air am bitheadh uallach airson leithid seann chlàran-ola mura biodh na companaidhean-ola fhèin deònach dèiligeadh riutha.