Luchd-obrach air tòiseachadh aig Colaiste Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Campas Inbhir NisTùs an deilbh, Handout
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Colaiste Inbhir Nis, a chosg £60m, am measg nan togalaichean a th' aig a' champas.

Tha luchd-obrach acadamaigeach air tòiseachadh ag obair aig Colaiste Inbhir Nis aig Campas ùr Inbhir Nis, ann an sgìre an Fhaidhbhilich air taobh sear a' bhaile.

Tha dòchas ann gun tarraing an t-àite ùr barrachd oileanach dhan sgìre agus gun toir sin togail dha eaconamaidh na Gàidhealtachd.

Chan eil fada bho fhuair lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean - UHI - inbhe oilthigh, agus tha dòchas ann gun dèan an campas ùr an t-oilthigh nas tarraingaiche.

Thòisich luchd-obrach aig a' cholaiste Diluain, agus gheibh cuid de na h-oileanaich cothrom sùil a thoirt air an làraich Dimàirt.

B' àbhaist do phrìomh thogalach na colaiste, a chaidh a stèidheachadh ann an 1960, a bhith anns an Longman.