Òrdugh Dìon Mara air Taobh Siar Rois

Uidheamachd bhàta-sguabaidh
Image caption Tòisichidh an casg aig meadhan oidhche Diluain.

Thèid Òrdugh Dìon Mara Èiginneach a chur an gniomh far chosta Thaobh Siar Rois aig meadhan-oidhche Diluain às dèidh dearbhadh gun robh bàta-sguabaidh chreachain, neo dredger, ag obair ann an sgìre MPA.

A bharrachd air a mhaorach a tha ri fhaighinn anns na h-uisgeachan seo, tha coireal dùthchasail phrìseil, Maerl, ann cuideachd agus tha an Riaghaltas airson dìon a chur air a sin.

Bhon a chaidh na h-uisgeachan far chosta Thaobh Siar Rois ainmeachadh mar Sgìre Ghlèidhte Mara an uiridh, bha iasgairean air gabhail ris gu saor-thoilleach, nach deigheadh iad faisg air le bàtaichean sguabaidh.

Maerl

Ach chaidh a dhearbhadh às dèidh do dhaoine às a sgìre dealbhan a thogail, gun robh bàta-sguabaidh air a bhith ag iasgach ann.

Image copyright Paul Naylor
Image caption Cuid dhen choireal maerl

Tha iomgain air Riaghaltas na h-Alba mun a bhuaidh a dh'fhaodadh leithid do dh'iasgach a thoirt air àrainneachd phrìseal na mara 's thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead gu bheil iad a' feuchain gu h-àraidh ri dìon a chuir air a' choireal, Maerl.

Tha an coireal seo na phàirt chudhtromach den àrainneachd airson creachan beaga àrach agus ma thèid a mhilleadh tha e toirt, chan e bliadhnaichean, ach linntinn, son tilleadh.

Thèid an casg èiginneach a chur air bàtaichean-sguabaidh aig meadhan-oidhche Diluain, ach faodar fhathast a bhith daibheadh son creachain agus thèid iasgach nam bàtaichean beaga sgìreal air adhart mar as àbhaist.