Casg èiginneach air sguabadh chreachan far Thaobh Siar Rois

  • Air fhoillseachadh

Thòisich casg èiginneach aig meadhain-oidhche Oidhche Luain air sguabadh airson chreachan far chosta Thaobh Siar Rois.

Chuir Riaghaltas na h-Alba an t-Òrdugh Dìon Èiginneach an sàs an dèidh mar a dh'innis daoine gum faca iad bàta-sguabaidh ag obair anns an sgìre ghlèidhte.

Tha Loch Iùbh, Bàgh Ghruinneard, Loch Bhraoin agus an Loch Beag agus mu thimcheall nan Eilean Sàmhraidh uile nan àiteachan MPA a-nis.

Thuirt Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil na thachair a' dearbhadh cho beag fiosrachaidh 's a fhuair na h-iasgairean air na riaghailtean mu na sgìrean glèidhte.