Cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson goireasan spòrs ùra

Ceangal-rathaid Inbhir Nis
Image caption Dh'fhaodadh obair tòiseachadh air Ceangal-rathaid Inbhir Nis an ath-mhìos.

Thug comhairlichean air a' Ghàidhealtachd cead do leasachaidhean air goireasan spòrs aig Pàirc a' Chanàil ann an Inbhir Nis.

Bidh pìos den phàirc air a chall gus leigeil le ceangal-rathaid ùr a' bhaile a bhith air a thogail, ach tha a' Chomhairle ag ràdh gun leasaich iad na goireasan a th' air fhàgail.

Am measg nam planaichean, tha leasachaidhean air goireasan spòrs Cluba Rugbaidh na Gàidhealtachd, a tha stèidhichte ann am Pàirc a' Chanàil, luach còrr air £4m.

Pàircean

Thèid an t-seann taigh-cluba a leagail, le taigh-cluba ùr, nas motha, ga thogail na àite.

A bharrachd air sin, thèid pàirc phlastaig agus dà phàirc feòir a thogail agus thèid feansaichean a thogail timcheall air na pàircean sin.

Bidh goireasan parcaidh cuideachd air an leasachadh, le dùil gum bi ceud àite parcaidh ann nuair a bhios an obair deiseil.

Cuideachd, thèid raon-goilf ùr a thogail an àite Raoin Thòrr Bheathainn.

Bha cuid mì-thoilichte mu dheidhinn an t-suidheachaidh agus a bhith a' call nan goireasan a tha seo, ach tha Comhairle na Gàidhealtachd air gealltainn gun tèid leasachaidhean a dhèanamh ri na goireasan a th'air fhàgail, gus am bi iad aig ìre a tha gu math àrd.

Obair gus tòiseachadh

Tha a h-uile coltas ann gun tòisich obair air pròiseict an rathaid an ath-mhìos.

An t-seachdain a chaidh, fhuair Comhairle na Gàidhealtachd òrdugh ceannach (CPO) bho Riaghaltas na h-Alba gus am faigh iad an talamh a tha a dhìth orra airson a' cheangail-rathaid.

Cosgaidh am pròiseact £55m uile gu lèir.