Parcadh nas daoire aig Port-adhair Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Tha cìsean parcaidh gan cur suas aig Port-adhair Inbhir Nis.

'S e deich mionaidean - seach fichead - a bhios aig daoine airson feitheamh anns a' phàirc chàraichean mus bi aca ri càil a phàigheadh.

Chaidh na cìsean fhèin a chur an àirde 6%.

Thuirt HIAL, a tha a' ruith a' phuirt-adhair, gu bheil Inbhir Nis am measg na puirt-adhair as saoire an Alba.

Ach, tha cuid ag ràdh gum faodadh an t-àrdachadh toirt air daoine parcadh anns an sgìre faisg air Dail Chrois airson na cìsean a sheachnadh.