An A890 dùinte faisg air taigh-òsta Shrath Charrann an dèidh tubaist

Tha rathad an A890 dùinte mu mhìle gu leth bho Thaigh-òsta Shrath Charrann an dèidh tubaist san robh aon charbad an sàs.

Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gum bi an rathad dùinte deagh ghreis fhathast.

Thathas a' moladh do dhràibhearan an sgìre a sheachnadh ma 's urrainn dhaibh.