Shnàimh sgioba eadar Hiort agus na Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Luchd-snàimh le sgioba taic a' dèanamh air Hiort.Tùs an deilbh, Grab
Fo-thiotal an deilbh,
Luchd-snàimh le sgioba taic a' dèanamh air Hiort.

Tha seachdnar luchd-snàimh air na Hearadh a' ruighinn 's iad air an treas oidhirp aca am-bliadhna gus snàmh eadar Hiort agus na Hearadh.

Thug e 35 uairean a thìde son 55 mìle a shnàmh.

Thàinig orra an cuid phlanaichean a leigeil seachad anns a' Chèitean agus anns an Òg-Mhìos air sgàth na sìde.

An-uiridh, b' fheudar dhaibh oidhirp eile a leigeil seachad às dèidh dhaibh 24 mìle den t-slighe, a tha 60 mìle de dh'fhaid, a shnàmh.

Dh'fhàg an sgioba-snàimh, a bha a' dol dhan uisge duine mu seach agus a tha a' cruinneachadh airgid do charthannas, Hiort tràth sa mhadainn Diluain.

Ràinig iad Hùisinis mu 1500 Dimàirt, tòrr na bu tràithe na bha iad an dùil.

Bha iad a' sùileachadh na Hearadh a ruighinn mu 22:00.