Litir an aghaidh casg GM

  • Air fhoillseachadh
Cruinneachd GMTùs an deilbh, Science Photo Library
Fo-thiotal an deilbh,
Tha casg air a bhith air cur bàrr GM ann an Alba o 2007.

Tha 28 buidheann saidheans air ainm a chur ri litir a' càineadh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba casg a chur air bàrr GM.

Tha iad ag ràdh gun dèan sin cron air rannsachadh ann an Alba.

Tha casg air a bhith air cur bàrr GM ann an Alba o 2007.

Na bu tràithe air a' mhìos seo, thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd gun cleachdadh e riaghailtean ùra Eòrpach gus an casg sin a dhèanamh oifigeil.

Ach a-nis tha buidhnean a' riochdachadh luchd-saidheans agus thuathanach air sgrìobhadh chun a' mhinisteir a' càineadh a' cho-dhunaidh.

Dan rèir-san, 's e co-dhùnadh poileataigeach a tha seo, a chuireas bacadh air an obair aca.

Thuirt Mgr Lochhead gun robh e deònach coinneachadh leotha, agus chaidh e às àicheadh gun dèanadh an casg cron air rannsachadh ann an Alba.