Barrachd maille air dràibhearan Inbhir Nis
- Published
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh gu luchd-fuirich is gnìomhachasan ann am meadhan Bhaile Inbhir Nis son innse dhaibh gum bi a' chompanaidh Coffey Construction a' tòiseachadh air obair-leasachaidh aig Sràid Young agus Sràid Hunndaidh.
Tha seo às dèidh iomadach mìos de dh'obair airson ballaichean a thogail ri taobh na h-aibhne son dìon thuiltean agus na cabhsairean a leasachadh cuideachd.
Tha an litir ag ìnnse mun obair air Slighe Nis agus Sràid Hunndaidh tarsaing Drochaid Nis far an tèid uidheam Toucan a chur an sàs son 's gun dean e cùisean nas sàbhailte do luchd-coiseachd is luchd-baidhsagail faighinn thairis na drochaide.
Cosgais
Cosgaidh an obair £262,000 agus bithear a' tòiseachadh air 7mh Sultain 's tha dùil gum mair an obair 12 seachdainean.
Ged a gheibhear tarsaing Drochaid Nis tron obair, tha dùil gum bi pàirt den t-slighe dùinte bho àm gu àm.
Nuair a tha an obair deiseil cha bhi cead aig dràibhearan a dhol bho Sràid Hunndaidh dhan làimh chlì air Drochaid Nis - rud a tha ag adhbhrachadh connspaid mar thà, le daoine agus gnìomhachasan san sgìre a' moladh gum bu chòir cead a bhith ann, no cha bhith daoine a' tadhail air an t-sràid.
Thèid obair a dhèanamh air Drochaid Nis fhèin aig an aon àm, le lùdag na drochaide feumachd air càradh.