Buidheann ùr na bochdainn-connaidh
- Air fhoillseachadh
Thèid buidheann-ghnìomh ùr a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ri bochdainn-connaidh ann an sgìrean dùthchail.
Thàinig an naidheachd bho Mhinistear an Taigheadais, Mairead Burgess, is i a' tadhal air Arcaibh Diciadain.
Tha e air a mheas gu bheil taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blàth.
'S ann anns na h-Eileanan an Iar agus Arcaibh a tha na h-ìrean as àirde de bhochdainn-connaidh ann an Alba.
Rannsachadh
Sheall rannsachadh an-uiridh gun robh 71% de dhachaighean anns na h-Eileanan an Iar ann am bochdainn-connaidh.
'S e 39% a th'ann an Alba san fharsaingeachd.
'S e Di Alexander a bhios os cionn na buidhne ùir, is e mar thà na chathraiche air Fòram Chomainn Taigheadais na Gàidhealtachd.
Toileachas
Rinn Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, toileachas ris a' bhuidhinn.
"Tha sinn a' cur fàilte air a' bhuidhinn a tha seo a bhith ga stèidheachadh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' toirt misneachd dhuinn, mu dheireadh thall, gu bheileas a' dol a dhèanamh rudeiginn mu dheidhinn", thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Chan e a-mhàin an Riaghaltas a dh'fheumas rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, ach na companaidhean cuideachd a tha co-cheangailte ri a bhith a' toirt seachad connadh anns na h-eileanan agus cuideachd an fheadhainn a tha a' cruthachadh dealain airson a bhith a' teasachadh dhachaidhean", thuirt e,
Dh'iarr e sa chiad dol a-mach gun dèan a' bhuidheann rannsachadh mionaideach air carson dìreach a tha an trioblaid buileach cho dona anns na h-eileanan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 13 An Lùnastal 2014