BBC Naidheachdan

Tubaist mhairbhteach air an A890

Published
Dhearbh na poilis gun deach fear motor-baidhsagal a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an A890 faisg air Atadal Dimàirt.
Thachair an tubaist goirid an dèidh 1.00 feasgar.
Cha robh carbad eile an sàs anns an tubaist.
Dh'fhàg an tubaist gun deach an A890 a dhùnadh eadar Srath Carrann is Port an t-Sròim tron fheasgar Dimàirt.
Thuirt Poilis na h-Alba gun tèid ainm an duine a sgaoileadh nuair a thèid fios a chur gu theaghlach.