Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Làbaraich

Tha ceannard ùr nan Làbarach ann an Alba, Kezia Dugdale, ag innse an-diugh cò gheibh na prìomh dhreuchdan san sgioba aice. Tha dùil gun cum i a' mhòr-chuid den bheing-aghaidh a bh' ann, agus nam measg, Ken Mac an Tòisich, a sheas na h-aghaidh. Dh'innis Fear-Labhairt a' Cheartais a th'ann an-dràsta, Hugh Henry, sa mhadainn an-diugh ge-tà gu bheil esan a' fàgail na beinge aghaidh.

Bochdainn a' chonnaidh

Tha Ministear an Taigheadais, Màiread Burgess, ann an Arcaibh an-diugh ag innse mun bhuidhinn-ghnìomh ùr a bhios a' strì ri bochdainn a' chonnaidh ann an sgìrean iomalach. Tha bochdainn-connaidh ann am faisg air 60% de dhachannan Arcaibh. 'S ann anns na h-Eileanan an Iar a tha an ìre as miosa ann am Breatainn aig 70%.

Inimrich

Dh'èirich an àireamh in-imreach mì-laghail agus luchd-siridh comraich dhan Aonadh Eòrpach dhan ìre as àirde a-riamh air a' mhìos seo chaidh. Thuirt Buidheann Crìche an Aonaidh Eòrpaich, Frontex, gun do dh'èirich an àireamh gu còrr 's 107,000 san Iuchair, suas bho 70,000 san Òg-Mhìos.

Bùithtean

Thàinig lùghdachadh san Iuchair air na chaidh a reic de stuth ann am bùithtean na h-Alba. Bha na chaidh a reic de bhiadh sìos 4.5%, an àireamh as miosa bho thòisich clàradh ann an 1999.

Sgoil ùr Loch Abar

Chaidh a' chlann gu Bun-sgoil ùr Ghàidhlig a' Ghearasdain an-diugh 'son a' chiad uair. Ged a bha Aonad Gàidhlig anns a' bhaile bho chionn iomadh bliadhna 's e seo a' chiad thuras a tha sgoil Ghàidhlig fa leth sa bhaile. 'S i a' chiad bhun-sgoil ùr de cheithir a tha gan togail ann an sgìre a' Ghearasdain.

Blackhill

Tha càradh ga dhèanamh air crann-craolaidh Blackhill ann am meadhan na h-Alba fad na seachdain seo agus tha coltas ann gum faodadh sin buaidh a thoirt air seirbheisean Radio nan Gàidheal aig amannan.