Turasachd is cultar nan Gàidheal

CB Image copyright Other
Image caption Bidh cudrom ga chur air cultar nan Gàidheal anns na cuairtean ùra an seo, an dà chuid an Ceap Breatainn agus ann an Alba.

'S fhada bho thòisich daoine a dhol eadar Alba is Alba Nuadh is tha na ceanglaichean gu math follaiseach ann an ceòl gu sònraichte.

Tha iad a' dol fhathast agus seirbheis phlèana ùr eadar Glaschu is Halafacs am-bliadhna air soirbheachadh gu math thuige seo.

'S ann air an t-seirbheis sin a tha cuairtean ùra do luchd-turais, air gach taobh den chuan, stèidhichte.

'S e fear Ron MacEachainn, a tha ag obair ann an turasachd ann an Alba Nuadh, a tha air cùl a' ghnothaich.

Ceangal

Tha Mgr MacEachainn a' cumail a-mach gu bheil gu leòr de luchd-turais san là a th' ann a tha ag iarraidh ceangal ceart a dhèanamh leis na h-àitichean air a bheil iad a' tadhail; na daoine, an cànan is ceòl is cultar.

'S e sin a tha a' fàgail gu bheil e air na cuairtean do dh'Alba agus Ceap Breatainn a chur air dòigh le cudrom ga chur gu sònraichte air cultar Gàidhealach, rud nach eil, am beachd chuid, ann gu ìre mhòir sam bith an-dràsta.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ron MacEachain agus Ruairidh MacIlleathainn a' bruidhinn air turasachd chultarail.

"Tha mi a' smaointinn gur e rud a tha seo a tha sònraichte san dà àite", thuirt Ron.

"Tha cultar na Gàidhlig; ceòl, dannsa is sgeulachdan, fhathast làidir gu ìre ann an ceàrnaidhean de Cheap Breatainn agus tha daoine 'son blas fhaighinn air sin mar a tha e gu nàdarra.

"Chan ann mu dheidhinn a' falbh gu ciurm ann an talla a tha seo, ged a bhiodh sin na phàirt dheth, ach a dhol gu taighean-seinnse is an leithid is cothrom bruidhinn ri daoine a thàinig às a' chultar seo", thuirt e.

Bidh an aon phrionnsabal ann nuair a thig na cuairtean a dh'Alba leis na luchd-iùil air fad fileanta ann an Gàidhlig, is oidhirp ga dèanamh a dhol gu àiteachan far a bheil an cultar beò is fiù 's a dh'fhuireach ann an taighean leabaidh is bracaist far a bheil a' Ghàidhlig ga cluinntinn.

Nam measg an luchd-iùil, bidh Ruairidh MacIlleathain, a tha gu làidir den bheachd gu bheil beàrn mhòr sa mhargaidh a thaobh chultar na Gàidhlig.

"Nuair a bha mi thall ann an Alba Nuadh an-uiridh bha mi a' bruidhinn ri daoine is a' faighneachd an robh iad a-riamh san t-seann dùthaich is thuirt iad gun robh, ach nuair a dh'fhaighnich mi "dè ur beachdan ma thà air Alba", cha robh iad deònach cus a ràdh", thuirt Ruairidh.

"Fhuair mi a-mach gun robh cuid dhuibh air a bhith air tursan le busaichean is nach d'fhuair iad dhan Ghàidhlig, cha chuala iad a' Ghàidhlig is an fheadhainn a bha ga ruith, cha robh iad measail air a' chànan no air a' chultar idir idir, agus b' e sin am prìomh adhbhar a chaidh iad ann.

"Bha mi a' smaoineachadh aig an àm sin gu bheil margaidh ann an seo agus chan eil duine ga shàsachadh", thuirt e.

Chan eil anns na cuairtean a tha seo aig toiseach-tòiseachaidh agus 's e tìde a dh'innseas an soirbhich leotha.

Iongantach

Tha Ruairidh a' cumail a-mach ge-tà, gu bheil cothrom iongantach an seo chan ann a-mhàin gus rudeigin diofraichte a thoirt do luchd-turais, ach airson suidheachadh na Gàidhlig fhèin a thoirt air adhart, le daoine a' faicinn gu bheil luach ga chur sa chultar bho dhaoine thall 's a-bhos.

"Nuair a chì daoine gun obraich e le Alba Nuadh, is tha mi an dùil gun obraich e, bidh cothroman a dhol fad is farsaing.

"A bharrachd air Canada is Aimeireaga a Tuath tha Àstrailia is New Zealand ann ach cuideachd na dùthchanan Eòrpach, Iapan, tha ùidh mhòr aig daoine anns na duthchannan Àiseanach sa chultar againn.

"Chan eil sinn a' faicinn sin fhathast ann an Alba gun gabh an turasachd a tha sinn a' tabhainn do dhaoine a leudachadh san dòigh sin.

"Cho luath 's a chì daoine sin, thig luach fada a bharrachd air a' Ghàidhlig cuideachd, oir bidh sinn comasach an uair sin air airgead prìobhaideach a tharraing a-steach, airgead le turasachd stèidhichte air Gàidhlig is cultar na Gàidhlig.

"Mean air mhean, chì daoine gu bheil rudeigin an seo a mhaireas ùine mhòr", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile