BBC Naidheachdan

Deasbad mun Ghàidhlig an Obar Dheathain

Published
image copyrightAnthony Foster / Geograph
image captionChuir Comhairle Obar Dheathain taic ri plana Gàidhlig, ged a bha càineadh bho cheannard nan Lib-Deamach.
Dh'aontaich Comhairle Obar Dheathain gabhail ri plana Gaidhlig an ùghdarrais, ged a chaidh cuid de na molaidhean airson an cànan a bhrosnachadh a chàineadh le fear de cheannardan poileataigeach a' bhaile.
Am measg eile, tha a' Chomhairle a' cur romhpa a' Ghàidhlig a bhrosnachadh le barrachd taic do luchd-ionnsachaidh, suaicheantas ùr dà-chànanach dhan Chomhairle agus Beurla agus Gàidhlig air soidhnichean sràide.
Chaidh dragh a nochdadh ge-tà, le ceannard buidheann nan Lib-Deamach aig an ùghdarras.

"Mì-chuimseach"

Thuirt Iain Yuill gu bheil e a' cur taic ri cuid de na tha a' nochdadh sa phlana ach gu bheil pìosan eile dheth mì-chuimseach.
Tha e a' cumail a-mach cuideachd nach deach measadh a dhèanamh air cosgaisean.
Thuirt e gu sònraichte gu bheil rudan mar ainmean sràide dà-chànanach agus coinneamhan poblach ann am Beurla agus Gàidhlig a' dol ro fhada.

"Ceart agus freagarrach"

Chaidh an comhairliche Làbarach, Barney Crockett, às àicheadh chasaidean Mhgr Yuill.
Thuirt e nach robh a' Chomhairle ach a' leantainn lagh na dùthcha agus gu bheil na tha a' nochdadh sa phlana ceart agus freagarrach.
A rèir Mhgr Crockett, 's e baile ioma-chulturail a th' ann an Obar Dheathain agus mar sin tha e iomchaidh gum bi àite ann do chultar nan Gàidheal.