Crainn nas làidire gu bhith an tuath-gaoithe

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'aontaich a' Chomhairle ri plana ùr bho Lewis Windpower airson crainn nas cumhachdaiche a chur an sàs.

Fhuair companaidh aig a bheil plana 'son tuath-gaoithe faisg air Steòrnabhagh cead na crainn a dhèanamh nas cumhachdaiche.

Thàinig air Lewis Wind Power - co-bhanntachd eadar Amec agus EDF - am plana 'son 36 crainn a chur air beulaibh chomhairlichean a-rithist, ach ghabh iad ris an atharrachadh.

Tha an Comh. Tormod MacLeòid ag ràdh gu bheil leithid de leasachadh a' cur ris an argamaid 'son càball dealain tarsaing a' Chuain Sgìth.

"An uidheamachd a th' anns na crainn, tha iad gu bhith a' toirt seachad barrachd chumhachd," thuirt e.

"Agus mar a tha teicneòlas an-diugh ... 's dòcha ann an dà bhliadhna eile, gum bi crainn eile a bhios tòrr nas lugha agus bidh barrachd chumhachd a' tighinn àsta," thuirt e.

Dh'fhaodadh gum fàg leithid de ghluasad ri linn teicneòlais ùir, gum faighear barrachd chumhachd à tuathan-gaoithe nas bige, nach toir uiread de bhuaidh air a' mhòintich no air coimhearsnachdan, san àm ri teachd.

"Tha e cudromach ma tha nas lugha ann, gur ann nas fheàrr a tha iad, a thaobh a bhith a' coimhead riutha 's rudan den t-seòrsa sin.

"Ach mar as lugha a th' ann dhiubh, agus ma tha barrachd chumhachd a' tighinn às gach fear aca, 's e rud math a tha sin.

"Tha seo a' neartachadh nan argamaidean gu mòr airson a' chàbaill, agus tha e a' toirt misneachd dhuinne mar choimhearsnachdan gu bheil Lewis Windpower ag iarraidh seo a dhèanamh, agus na tha iad a' dol a chur a-steach de dh'ionmhas airson seo a dhèanamh.

"'S tha e cudromach gun tèid SSE air adhart leis a' chàball a tha sin a chur air adhart, agus nuair a thèid sin a dhèanamh, gun tèid companaidhean eile, 's dòcha buidhnean coimhearsnachd air feadh nan eileanan, gun tèid tuilleadh chrann an-àirde airson cuideachadh leis an ionmhas airson nan coimhearsnachdan," thuirt e.