Dithis dheugairean a dhìth

Tha na Poilis a' feuchainn ri lorg fhaighinn air dithis dheugairean a chaidh a dhìth - Patryca Muszynska, 13, à sgìre Inbhir Nis agus Rachel Donnelly, 13, à sgìre Inbhir Narann.

Tha dùil gu bheil iad còmhla.

Chaidh am faicinn mu dheireadh ann an sgìre Inbhir Nis mu 11:20f oidhche Chiadain.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun deidhinn fònadh thuca air 101.