BBC Naidheachdan

Atharrachaidhean air fàire do ghoireasan poblach

Published
Dh'fhaodadh dà chompanaidh a tha a' ruith thaighean-tasgaidh, leabharlannan agus ionadan spòrs air a' Ghàidhealtachd a bhith air an cur còmhla.
Bidh High Life Highland agus Inverness Leisure a' ruith nan seirbheisean às leth Chomhairle na Gàidhealtachd.
Thèid iarraidh air comhairlichean cead a thoirt seachad gus am pròiseas a thòiseachadh an t-seachdain seo tighinn.
Tha dùil gun sàbhaileadh am plana tòrr airgid dhan Chomhairle.