Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Calais

Thèid poilis à Breatainn a chur gu ruige Chalais ann an ceann a tuath na Frainge mar phàirt den oidhirp air dèiligeadh ri trioblaid nan in-imreach. Tha sin am measg nam molaidhean a tha Rùnaire na Dùthcha Theresa May a' foillseachadh 's i ann an Calais an-diugh còmhla ri Ministear Dùthcha na Frainge.

Làraidh Sgudail

Tha dùil gun toir Harry Clarke, dràibhear na làraidh-sgudail a bh' ann an tubaist Ghlaschu, fianais dhan rannsachadh an-diugh. Thèid comhairle a thoirt air Mgr Clarke nach fheum e ach an ceistean a thogras e fhèin a fhreagairt seach gu bheil coltas ann gum faodadh fhathast cùis-lagha phrìobhaideach a bhith ann na aghaidh. Chuala an rannsachadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu ron a seo gun robh Mgr Clarke gun mhothachadh air cuibhle-stiùiridh na làraidh mus deach sianar a mharbhadh air an t-sràid ann an Glaschu air an 22na là den Dùbhlachd an-uiridh.

A' Ghrèig

Thug a' Ghrèig còrr is €3bn air ais do Bhanca na h-Eòrpa an-diugh. Phàigh a' Ghrèig an t-airgead an dèidh a' chiad phàirt fhaighinn den iasad mar chobhair bhon Aonadh Eòrpach.

Sluagh na h-Alba

Tha àireamh-sluaigh na h-Alba aig an ìre as motha riamh agus Clàr Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gun robh 5,347,000 duine a' fuireach anns an dùthaich ann an 2014. Tha aois an t-sluaigh a' dol suas cuideachd le ùine-beatha do dh'fhir aig 75 anns a' chumantas, agus boireannaich aig 81.

Goireasan Poblach

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach beachdachadh air dà bhuidhinn a tha a' ruith sheirbheisean dhaibh a chur còmhla mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Tha High Life Highland, agus Inverness Leisure os cionn taighean-tasgaidh, leabharlainn agus goireasan cur-seachad agus spòrs na sgìre.

Gàidhlig Obar Dheathain

Tha eas-aonta aig Comhairle Baile Obar Dheathain mu phlana Gàidhlig an ùghdarrais, agus ceannard na buidhne Lib-Deamaich, an Comh. Iain Yuill, a' gearain nach eil am plana cothromach, agus nach deach tomhas ceart a dhèanamh air ro-làimh. Chaidh an Comhairliche Làbarach, Barney Crocket às àicheadh, agus esan ag ràdh nach eil a' Chomhairle ach a' gabhail ri lagh na dùthcha le plana a tha ceart agus freagarrach.