Dol-a-mach "nas fheàrr" aig comhairlichean Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Fo-thiotal an deilbh,
Ann an aithisg do Chomataidh Phoileasaidh is Ghoireasan na Comhairle Diardaoin, thuirt oifigich gun tàinig "piseach coitcheann" air dol-a-mach nam ball.

Thuirt oifigich aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun tàinig "piseach coitcheann" air dol-a-mach chomhairlichean ionadail thairis air a' bheagan mhìosan a dh'fhalbh.

Nochd Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba gearain mu dhol-a-mach nan comhairlichean ann an aithisg, a thuirt gun robh a' chùis na adhbhar dragh mòr.

Chuir an aithisg coire air sabaid eadar-phoileataigich am broinn na Comhairle.

Tha a' Chomhairle air a bhith a' feuchainn ri piseach a thoirt air gnothaichean bhon àm sin.

Ann an aithisg do Chomataidh Phoileasaidh is Ghoireasan na Comhairle Diardaoin, thuirt oifigich gun tàinig "piseach coitcheann" air dol-a-mach nam ball.

Chan eil uiread de chùisean aca ri làimhseachadh, tha iad ag ràdh, ged a tha iad air tighinn nas cruaidhe air cuid de bhuill. Chaidh na cùisean sin air adhart gu Choimisean nan Inbhean.

Tha coinneamhan na Comhairle a-niste nas "rianail", a rèir na h-aithisg, ach thuirt oifigich gu bheil gnothach a' leantainn le duine no dithis de na comhairlichean a tha fo amharas gun do sgaoil iad fiosrachadh chun nam meadhanan.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' sireadh fianais, agus gun dèilig iad ris an fheadhainn a tha a' dèanamh sin.